Tiotal
Eapasod 14: An fhiacaill-dhràgoin
duilleag 1
Sgrìobhte
RABHADH TAIGH BANA-BHUISDICH
33
Carabhaidh
Uill uill uill! Tha na saor-làithean seachad! Tòisicheamaid le cuspair nan deochan àrsaidh ’s nam prìomh-chungaidhean aca.
An-dà... Gonadh! Chan eil fiacaill-dhràgoin fhùdarach air fhàgail. Chan fhiach tòiseachadh air a’ chuspair às a h-aonais ...
Sgrìobhte
Fiacaill-dhràgoin
duilleag 2
Carabhaidh
A Chìob! A Thìom! An dèid tè agaibh an tòir air fiacaill-dhràgoin dhomh?
Cìob
Fhad ’s a tha i cho fuar ris a’ phuinnsean?! Cha dèid!
Tìom
Cha dèid no mise ...
Peabar
Air ur socair, gheibh mise tè dhuibh!
Carabhaidh
A Pheabar, fuirich ort!
Peabar
Cha doir seo ach greiseag!
“Cho fuar”, “cho fuar”! Abair fannlagan!
Le greimire math ’s beagan armachd, bidh fiaclan-dràgoin againn gun dàil!
duilleag 3
Peabar
Hà hà! Hò-rò ! Cha chreid mi nach bi e beagan nas toinnte na shaoilinn!
Path ! .. ’s mi dhen bheachd gum biodh e na b’ fhasa le dràgon adhair!
duilleag 4
Peabar
A Churrain! Trobhad a-nis ... ... Tha dràgonan boglaich cliùiteach air sàilleibh an nàdair sholta! seo na shaoil mi ge-tà...
An-dà ... A thaobh an dràgoin dhealain ... ... Chan eil mi cinnteach gur e seo an acainn cheart ...
duilleag 5
Peabar
Ceart ma-thà. Tha seo ro dhoirbh ... ... ’s leigidh mi romham e
Cha leig ! Chan eil Peabar na gealltair !
Neach-aithris
An làrna-mhàireach...
Eun
GOG-a-ghuidhe-GhAOIdhe!!!
Carabhaidh
!!
duilleag 6
Peabar
Dè ur beachd? Nach eil sibh moiteil asam? Chruinnich mi còrr is ceud fhiacaill-dhràgoin mu thràth!
Fuaim
brag!
Sgrìobhte
Fiaclaire-dràgoin
An-asgaidh!
Carabhaidh
... ach a Pheabar, an fhiacaill-dhràgoin ... ... ’S e lus a th’ ann !
Neach-aithris
- Deireadh na sgeòil -
Urram
01/2016 – Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy – Eadar-theangachadh: GunChleoc
duilleag 7
Urram
Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 671 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd airson an ath-eapasod air https://www.patreon.com/davidrevoy
Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0 Bun-tùs: ri fhaighinn air www.peppercarrot.com Bathar-bog: chaidh 100% dhen eapasod seo a tharraing le bathar-bog saor Krita 2.9.10, Inkscape 0.91 air Linux Mint 17