Bann-cinn
Tiotal
Eapasod 17: An tòiseachadh ùr
Eadar-theangachadh: GunChleoc.
Eapasod 17: An tòiseachadh ùr, Duilleag 1
Carabhaidh
Ach a Pheabar... Nach fuirich thu...
Peabar
CHAN FHUIRICH! THA MI ’gur FÀGAIL!!
Chan ionnsaich sibh buidseachas ceart dhomh! Falbhaidh mi – gu bana-bhuidsichean an Achd!
Fuaim
Fruuiss !
Eapasod 17: An tòiseachadh ùr, Duilleag 2
Peabar
Ceart ma-thà, togamaid oirnn dha dhùthaich laighe nan gealach Mìnichidh Sidimi dhuinn mar a gheibh sinn ballrachd ann am bana-bhuidsichean an Achd
A Churrain, faigh am mapa ’s a’ chombaist: tha e ro neulach ach am faicinn far a bheil mi ’dol
Sgrìobhte
T
Peabar
MURT! Cadhalaich! GABH GRÈIM ORM!
Fuaim
TOOOrrrman!!
Peabar
Iochd !!!
Eapasod 17: An tòiseachadh ùr, Duilleag 3
Fuaim
SAidse!!
Eapasod 17: An tòiseachadh ùr, Duilleag 4
Peabar
Sa chiad dol a-mach, na gabh giorag, a Churrain ...
Cìob
“’S fheàrr dearg-choimhead dubh na mìle mallachd gun fheum! ... ... Dèan cath-sùla riutha. Faigh làmh an uachdair! ”
Uilebheist
Iach!!
Aah!!
Peabar
Dhomhsa dheth, b’ fheàrr leam geasag ionnsaighe no dhà ionnsachadh; ach sin agad e ...
a thruaighe ... chan eil sguab no uidheamachd agam tuilleadh, ’s e turas fada a tha romhainn ...
Eapasod 17: An tòiseachadh ùr, Duilleag 5
Curran
Rùdail
Peabar
Tha mi claoidhte cuideachd, a Churrain ... Agus sinne seachd làithean gun ithe ...
Carabhaidh
“Ma tha fios agad cò na lusan a ghabhas ithe, bidh fios agad càit an lorg thu deochan deis an aghaidh an acrais! ”
Peabar
Ach deochan da-rìribh?... Gun ionnsaicheadh i tè sam bith dhomh!
Eapasod 17: An tòiseachadh ùr, Duilleag 6
Tìom
“Chan fheum bana-bhuidseach cheart na Dubh-choimeasgachd combaist no mapa. Foghnaidh reultan an speura dhi ”
Peabar
... B’ fheàrr leam cùrsa fàidheadaireachd ceart!
Tog dhe do ghruaim a Churrain! Seall, ràinig sinn an t-àite!
Eapasod 17: An tòiseachadh ùr, Duilleag 7
Peabar
...agus sin agad e. Seo deireadh na sgeòil.
Sidimi
...agus tusa dhen bheachd gun do ràinig thu slàn sàbhailte is iad gun dad sam bith ionnsachadh dhut?
Neach-aithris
- Deireadh na sgeòil -
Urram
06/2016 – www.peppercarrot.com – Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy – Eadar-theangachadh: GunChleoc
Stèidhichte air saoghal Hereva a chaidh a chruthachadh le David Revoy le taic o Craig Maloney. Ceartachadh le Willem Sonke, Moini, Hali, CGand ’s Alex Gryson.
Ceadachas : Creative Commons Attribution 4.0, Bathar-bog: Krita, G'MIC, Inkscape air Ubuntu
Eapasod 17: An tòiseachadh ùr, Duilleag 8
Urram
Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 719 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd air www.patreon.com/davidrevoy