An t-ùghdar

Sin sibh, is mise David Revoy agus ’s e neach-ealain Frangach a th’ annam ’s rugadh mi ann an 1981. Dh’ionnsaich mi air mo cheann fhèin agus tha mi glè dhèidheil air tarraing, peantadh, cait, coimpiutairean, cultar bun-tùis fhosgailte Gnu/Linux, an t-eadar-lìon, geamannan video RPG seann-nòsach, seann mhangas is animé, obair-ealain thradaiseanta, cultar na Seapaine, fantastachd…

Às dèidh m’ obair air mo cheann fhèin le peantadh digiteach, teagasg, obair-ealain bun-bheachd, dealbhachadh agus stiùireadh ealain fad còrr is 10 bliadhnaichean, thug mi romham tòiseachadh air a’ phròiseact agam fhèin. Lorg mi dòigh air a chuirinn a h-uile rud air a bheil mi dèidheil ri chèile agus thàinig Peabar ⁊ Curran às.

Thòisich mi ag obair air a’ phròiseact seo sa Chèitean 2014 agus fhuair mi taic o iomadh com-pàirtiche is neach-cuideachaidh air an rathad. Chì tu liosta shlàn dhiubh air Clàr-taice a’ cheadachais.

Am bloga agam: www.davidrevoy.com
Am post-d agam: info@davidrevoy.com


Feallsanachd Peabar ⁊ Curran

Le taic phàtranach

Chan fhaigh pròiseact Peabar ⁊ Curran maoineachadh ach o na pàtranaich aige o fheadh an t-saoghail. Cuiridh gach pàtranach beagan airgid thugainn airson gach eapasod ùr agus gheibh e urram air deireadh an eapasoid. Air sàilleibh an t-siostaim sin, tha Peabar ⁊ Curran neo-eisimeileach agus cha bhi sinn feumach air sanasachd no truailleadh margaidheachd.

Peabar ⁊ Curran a’ faighinn airgid on luchd-leughaidh.

100% dheth saor, gu buan, gun bhalla-pàighidh

Tha a h-uile susbaint a chruthaicheas mi mu Pheabar ⁊ Curran air an làrach-lìn seo no air a’ bhloga agam saor agus ri fhaighinn dhan a h-uile duine. Tha meas agam oirbh uile, airgead ann no às. Foillsichidh mi gach stuth sònraichte a bharrachd a gheibh na pàtranaich an-seo cuideachd. Chan iarr Peabar ⁊ Curran airgead no fo-sgrìobhadh ort idir ach am faigheadh thu inntrigeadh do stuthan ùra.

Curran, glaiste air cùlaibh balla-pàighidh.

Le bun-tùs fosgailte agus ceadachail

Thug mi romham cead a thoirt do chàch ach an co-roinn iad an obair a chruthaich mi, gun cleachd iad ’s gun tog iad i agus fiù ’s gun coisinn iad airgead leatha. Chaidh gach duilleag, obair-ealain agus susbaint a dhèanamh le bathar-bog saor ’s le bun-tùs fosgailte air GNU/Linux agus gheibh thu a h-uile bun-tùs dheth air an làrach-lìn seo sa chlàr-taice (putanan “Bun-tùs is ceadachas”). Bhrosnaichinn cleachdadh coimearsalta, eadar-theangachadh, obair-ealain luchd-leantainn, clò-bhualaidhean, filmichean, geamannan video, co-roinneadh agus ath-phostadh. Cha leig thu leas ach urram iomchaidh a thoirt dha na h-ùghdaran (seo an luchd-ealain, an luchd-ceartachaidh ’s na h-eadar-theangadairean a bha an sàs san obair-ealain a tha thu airson cleachdadh), ceangal a sholar dhan cheadachas agus innse an deach atharrachadh a dhèanamh air. Faodaidh tu sin a dhèanamh air dòigh iomchaidh sam bith ach chan ann air dòigh a chuireadh mun aire gun do chùl-sgrìobh na h-ùghdaran thu fhèin no do chleachdadh. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu dhèidhinn an-seo: Ceadachas Creative Commons Attribution 4.0 International.
Ball-eisimpleir de thàilleabhain a ghabhas cruthachadh.

Deagh dhibheirsean do dhuine sam bith àite sam bith

’S e dealbh-èibhinn-lìn a th’ ann am Peabar ⁊ Curran a tha iomchaidh dhan a h-uile duine air aois sam bith. Chan eil susbaint inbheach no fòirneart ann. On a tha e saor ’s a bhun-tùs fosgailte, ’s e eisimpleir moiteil a th’ ann am Peabar ⁊ Curran air dè cho smodaig ’s as urrainn do chultar saor a bhith. Cuiridh mi m’ aire air a’ chàileachd o nach ciall dha stuthan saora is le bun-tùs fosgailte gum biodh iad dona no mì-ealanta. ’S e an caochladh a tha fìor.

Duilleagan dhealbhan-èibhinn air feadh an t-saoghail.

Gun atharraicheamaid gnìomhachas nan dealbhan-èibhinn!

Air sgàth ’s nach eil daoine eile eadar an neach-ealain agus an luchd-leughaidh, ’s ann nas lugha a phàigheas tu agus nas motha a’ bhuannachd a gheibh mi fhìn. Cuiridh tu taic dhomh gu dìreach. Chan urrainn do dh’fhoillsichear no sgaoileadair no sgioba margaidheachd no poileas fasain sam bith sparradh orm gun atharraichinn Peabar ⁊ Curran ach am biodh e a-rèir an lèirsinn-san mun “mhargadh”. Carson nach dèanadh ball-eisimpleir soirbheachail diofar beag air bheag air gnìomhachas a tha ann an staing gu lèir? Chì sinn dè thachras…

Diagram: Air an taobh chlì, tha Curran a’ call tòrr airgid le iomadh duine an sàs sa ghnothach. Air an taobh deas, tha an toradh nas cothromaiche. Rach ’nad phàtranach