Tiotal
Eapasod 6: Co-fharpais nan deoch
duilleag 1
Peabar
Iochd, thuit mi ’nam chadal gun dùnadh na h-uinneige a-rithist ... ... tha i cho gaothach ... ... agus carson a chì mi Comona air an uinneag?
COMONA!
Co-fharpais nan deoch!
Feumaidh ... gun do thuit mi ’nam chadal gun fhiosda!
... ach ... Cà’ bheil mi ?!?
Eun
mhàg?
duilleag 2
Peabar
!!!
A Churrain! Nach tusa an gaisgeach a smaoinich air mo thoirt dhan cho-fharpais!
Mìor-bhail-each!
Thug thu fiù deoch leinn, mo cuid aodaich agus an ad agam ... ... saoil dè an deoch a thagh thu ...
duilleag 3
Peabar
GU DÈ ?!!
Sgrìobhte
Co-fharpais deochan Chomona
Àrd-bhàillidh Chomona
Mar àrd-bhàillidh Chomona, tha mi a’ gairm gu bheil co-fharpais nan deoch ... air fhosgladh !
Tha e ’na thoileachas mòr dha ’r baile gu bheil sinn a’ cur fàilte air ceathrar bhana-bhuidseach dhan chiad cho-fharpais againn a-riamh!
Cuiribh ur làmhan ri chèile gu mòr
duilleag 4
Àrd-bhàillidh Chomona
Thàinig i na mìltean mòra o Aonadh nan Teicneolach 's tha e ’na ònar dhomh ur n-aithne a chur air tè thaitneach ’s innleachdach ... Costag !
Cuiribh ur làmhan ri chèile dh' ar nighean fhèin, bana-bhuidseach Chomona ... Cròch !
Tha an treas co-fharpaisiche againn à dùthaich laighe nan gealach ... Sidimi !
... agus mu dheireadh thall, tha an co-fharpaisiche mu dheireadh againn à coille Ceann na Feòraige ... Peabar !
Gun tòisicheadh na geamannan! Bhòtaidh sinn le meidh-bualadh-bhasan
Tòisicheamaid le taisbeanadh Chostag
Costag
A mhnathan ⁊ a dhaoine-uaisle ...
... na biodh an t-eagal oirbh tuilleadh air a’ bhàs, taing do ...
... Dheoch na SÒMBAIDHEACHD !
An èisteachd
Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan
duilleag 5
Àrd-bhàillidh Chomona
IONGANTACH !
Dh’fhairtlich Costag am bàs fhèin leis an deoch mhìorbhaileach seo !
An èisteachd
Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan
Cròch
... ach caomhnaibh ur bualadh bhasan, a muinntir Chomona ! oir seo an deoch AGAMSA
’S ann dhan deoch seo a tha sibh uile air bhioran: an tè a chuireas an t-iongnadh air ur nàbaidhean ... ... agus am farmad orra!
... tha e furasta 's cha leig sibh a leas ach aon bhoinneag bhìodach a ghabhail de ...
... Dheoch na TÒISEALACHD !
An èisteachd
Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan
Àrd-bhàillidh Chomona
Annasach ! Iongantach ! Feumaidh gun dèan an deoch seo muinntir Chomona beartach!
An èisteachd
Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan
Àrd-bhàillidh Chomona
Chan urrainn gu bheil ur bualadh bhasan ceàrr. Cha bhuannaich Costag a-nis
duilleag 6
Àrd-bhàillidh Chomona
Bidh e duilich do Shidimi a-nis bàrr a thoirt air an taisbeanadh a bha seo !
Sidimi
Cha ... cha robh mi ’n dùil gum biodh againn ris a taisbeanadh
Àrd-bhàillidh Chomona
... siuthad a Shidimi, tha a h-uile duine a’ feitheamh ort
Sidimi
IOCHD! Cha bu chòir dhomh, tha e ro chunnartach Tha mi DUILICH !
Àrd-bhàillidh Chomona
A mhnathan ⁊ a dhaoine-uaisle ... tha coltas gun dug Sidimi an call roimhpe
Cròch
Thoir dhomhsa i !
... agus na cuir ort gun robh thu diùid, tha thu a’ milleadh an taisbeanaidh
Tha fios aig a h-uile duine gur mise a bhuannaich a’ cho-fharpais ge b’ e dè nì an deoch agad ...
Sidimi
!!!
Fuaim
SSSIIIN
Sidimi
THOIR AN AIRE!!! Seo deoch an UILEBHEIST MHÒIR !
duilleag 7
Eun
GRÀG-GRÀG-Grraaaaaaaaag
Fuaim
BEUM!
Peabar
... smodaig ! mo chuairt-sa a-nis, an e ?
... cuiridh an deoch agam gàire oirbh co-dhiù on a ...
Àrd-bhàillidh Chomona
Ruith, òinseach! Tha sinn seachad air a’ cho-fharpais ! ... teich !
duilleag 8
Peabar
Sin agad e ... ... mar as àbhaist, dh’fhalbh a h-uile duine nuair a thàinig a’ chuairt againne
Co-dhiù no co-dheth, tha beachd agam a-nis air na nì sinn leis an “deoch” agad, a Churrain ... cuiridh sinn rian air cùisean an-seo is dhachaigh leinn an uairsin !
HOIGH!
Thusa a chanèiridh-shòmbaidh-thòiseil-ana-mhòr!
Fuaim
BRAG!
Peabar
An gabh thu deoch eile ma-thà? ...
... nach gabh, a dhroch-isein ?
duilleag 9
Peabar
Seadh, leugh an leubail gu cùramach ... ... Dòirtidh mi mu do cheann e gu lèir mura fàg thu Comona làrach nam bonn !
Àrd-bhàillidh Chomona
Air sgàth ’s gun do shàbhail i ar baile nuair a bha e fo chunnart bheir sinn duais a’ chiad àite do Pheabar airson deoch ... dè bh’ ann ??!!
Sgrìobhte
50,000 Co
Peabar
... Hàhà! seadh ... ... an-dà ... a dh’innse na fìrinn, chan e deoch a bh’ ann an da-rìribh ; seo cuid mùin mo chait on turas mu dheireadh dhan lighiche-bheathach!
... mholainn gun a taisbeanadh ma-thà ...
Neach-aithris
Eapasod 6: Co-fharpais nan deoch
Deireadh na sgeòil
Urram
Sa Mhàrt 2015 – Obair-ealain is sgeulachd le David Revoy – Eadar-theangachadh le GunChleoc
duilleag 10
Urram
Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean còire. Mòran taing dhan 245 pàtran a thug taic dhan eapasod seo :
Алексей ★ Глеб Бузало ★ 獨孤欣 & 獨弧悦 ★ Addison Lewis ★ A Distinguished Robot ★ Adrian Lord ★ Ahmad Ali ★ Aina Reich ★ Alandran ★ Alan Hardman ★ Albert Westra ★ Alcide ★ Alejandro Flores Prieto ★ Alex ★ Alexander Bülow Tomassen ★ Alexander Sopicki ★ Alexandra Jordan ★ Alex Lusco ★ Alex Silver ★ Alex Vandiver ★ Alfredo ★ Ali Poulton (Aunty Pol) ★ Allan Zieser ★ Andreas Rieger ★ Andrej Kwadrin ★ Andrew ★ Andrew Godfrey ★ Andrey Alekseenko ★ Angela K ★ Anna Orlova ★ Antan Karmola ★ Anthony Edlin ★ Antonio Mendoza ★ Ardash Crowfoot ★ Arjun Chennu ★ Arne Brix ★ Aslak Kjølås-Sæverud ★ Axel Bordelon ★ Axel Philipsenburg ★ Barbix ★ Ben Evans ★ Bernd ★ Betsy Luntao ★ Boonsak Watanavisit ★ Boris Fauret ★ Boudewijn Rempt ★ BoxBoy ★ Brett Smith ★ Brian Behnke ★ Brian Smith ★ Bryan Butler ★ Bui Dang Hai Trieu ★ Carlos Levischi ★ Charlotte Lacombe-bar ★ Chris Radcliff ★ Chris Sakkas ★ Christian Gruenwaldner ★ Christophe Carré ★ Christopher Bates ★ Clara Dexter ★ codl ★ Colby Driedger ★ Conway Scott Smith ★ Cuthbert Williams ★ Cyrille Largillier ★ Cyril Paciullo ★ Damien ★ Daniel ★ Daniel Björkman ★ Danny Grimm ★ David Tang ★ DiCola Jamn ★ Dmitry ★ Donald Hayward ★ Duke ★ Eitan Goldshtrom ★ Enrico Billich ★ Epsilon ★ Eric Schulz ★ Faolan Grady ★ Francois Schnell ★ Garret Patterson ★ Ginny Hendricks ★ GreenAngel5 ★ Grigory Petrov ★ Guillaume ★ Guillaume Ballue ★ Gustav Strömbom ★ Guy Davis ★ Happy Mimic ★ Helmar Suschka ★ Henning Döscher ★ Ilyas ★ Irina Rempt ★ Ivan Korotkov ★ James Frazier ★ Janusz ★ Jared Tritsch ★ JDB ★ Jean-Baptiste Hebbrecht ★ Jean-Gabriel LOQUET ★ Jeffrey Schneider ★ Jessey Wright ★ Jim ★ Jim Street ★ Jiska ★ Joachim Schiele ★ João Luiz Machado Junior ★ Joern Konopka ★ joe rutledge ★ Johanne Thomson ★ John ★ John Urquhart Ferguson ★ Jónatan Nilsson ★ Jonathan Leroy ★ Jonathan Ringstad ★ Jon Brake ★ Jorge Bernal ★ Joseph Bowman ★ Julien Duroure ★ Justus Kat ★ Kai-Ting (Danil) Ko ★ Kasper Hansen ★ Kate ★ Kathryn Wuerstl ★ Ken Mingyuan Xia ★ Kingsquee ★ Kroet ★ Levi Kornelsen ★ Liselle ★ Lorentz Grip ★ L S ★ Luc Stepniewski ★ Luke Hochrein ★ MacCoy ★ Magnus Kronnäs ★ Manuel ★ Marc & Rick ★ Marcus ★ Martin Owens ★ Mary Brownlee ★ Masked Admirer ★ Mathias Stærk ★ Mefflin Ross Bullis-bates ★ Michael ★ Michael Gill ★ Michael Pureka ★ Michelle Pereira Garcia ★ Mike Mosher ★ Miroslav ★ Muzyka Dmytro ★ Nataya Castillo ★ Nazhif ★ Nicholas DeLateur ★ Nicholas Terranova ★ Nicki Aya ★ Nicola Angel ★ Nicolae Berbece ★ Nicole Heersema ★ Nielas Sinclair ★ NinjaKnight Comics ★ Noble Hays ★ Noelia Calles Marcos ★ Nora Czaykowski ★ Nyx ★ Olivier Amrein ★ Olivier Brun ★ Omar Willey ★ Oscar Moreno ★ Öykü Su Gürler ★ Ozone S. ★ Pablo Lopez Soriano ★ Pat David ★ Patrick Gamblin ★ Paul ★ Pavel Semenov ★ Pet0r ★ Peter ★ Peter Moonen ★ Petr Vlašic ★ Philippe Jean Edward Bateman ★ Pierre Geier ★ Pierre Vuillemin ★ Pranab Shenoy ★ Pyves & Ran ★ Raghavendra Kamath ★ Rajul Gupta ★ Reorx Meng ★ Ret Samys ★ Rictic ★ RJ van der Weide ★ Roberto Zaghis ★ Roman ★ Rumiko Hoshino ★ Rustin Simons ★ Sally Bridgewater ★ Sami T ★ Samuel Mitson ★ Scott Petrovic ★ Sean Adams ★ Shadefalcon ★ ShadowMist ★ Shafak ★ Shawn Meyer ★ Simon Forster ★ Simon Isenberg ★ Sonny W. ★ Soriac ★ Stanislav Vodetskyi ★ Stephanie Cheshire ★ Stephen Bates ★ Stephen Smoogen ★ Steven Bennett ★ Stuart Dickson ★ Surt ★ TamaskanLEM ★ Tar8156 ★ Terry Hancock ★ TheFaico ★ Thomas Citharel ★ Thomas Courbon ★ Thomas Schwery ★ Tim Burbank ★ Tim J. ★ Tomas Hajek ★ Tom Demian ★ Tom Savage ★ Tracey Reuben ★ Travis Humble ★ Tree ★ Tyson Tan ★ Urm ★ Victoria ★ Victoria White ★ Vladislav Kurdyukov ★ Vlad Tomash ★ Westen Curry ★ Witt N. Vest ★ Xavier Claude ★ Yalyn Vinkindo ★ Yaroslav ★ Zeni Pong ★ Źmicier Kušnaroŭ
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd airson an ath-eapasod :
https://www.patreon.com/davidrevoy
Ceadachas : Creative Commons Attribution Faodaidh tu atharrachadh, a cho-roinneadh, a reic is msaa. ...
Bun-tùs fosgailte : tha a h-uile faidhle bun-tùis le breathan is cruthan-clò ri fhaighinn air an làrach-lìn oifigeil
Innealan : Chaidh 100% dhen eapasod seo a tharraing leis a’ bhathar-bog saor Krita air Linux Mint