Bann-cinn
Tiotal
Eapasod 19: An truailleadh
Eadar-theangachadh: GunChleoc.
Eapasod 19: An truailleadh, Duilleag 1
Cìob
Tha mi a’ dol a-steach. Chan fhiach coimhead ort a’ cladhadh ... Adhlaic dhomh na deochan seo uile a dh’fhairtlich ort is thig a-steach cho luath ’s as urrainn dhut ach am faigh thu beagan fois.
Ar leam chan e ach miann ro-dhòchasach a th’ ann gun rachadh leat a-màireach, ach cò aig’ a tha fios!
Peabar
Tha mi agaibh, greas orm! Ach eadar dà sgeul, dè as adhbhar gun adhlaic sinn a h-uile càil ? Nach biodh e na b’ fheàrr nan ...
Cìob
B’ ÀILL leat?
Eapasod 19: An truailleadh, Duilleag 2
Peabar
An-dà... Uill, chan e eòlaiche a th’ annam idir... Ach tha na glasraich ann an trum neònach am bliadhna agus tha dòigh an-àbhaisteach air tòrr lus eile timcheall air an taigh.
Sgrìobhte
Tomàto
Aubergine
Peabar
Mar a tha air na seanganan, dè fo na gealaichean a tha iadsan ris?
Mar sin dheth ... Cha chreid mi nach eil duilgheadas beag bìodach le truailleadh againn ’s bu chòir dhuinn beachdachadh air beagan glanaidh ...
Cìob
A nighean-uasal “Mhill-mi-deoch-sam-bith-a-riamh”, nach ann ortsa a tha an ceann mòr is fasan na Clann-fhlùrachd ort.
San Dubh-choimeasgachd, ’s ann gun adhlaic sinn ar mearachdan!! Bu sin ar dualchas o chian nan cian agus chan eil diù a’ choin agam air dè shaoileas MATHAIR NÀDAIR mu dhèidhinn! Dùin do ghob is CLADHAICH!!
Eapasod 19: An truailleadh, Duilleag 3
Peabar
’s ann gun adhlaic sinn ar mearachdan
sin ar dualchas
o chian nan cian
THA E AGAM!
Curran
Srann
Peabar
Siuthad nas luaithe a Churrain!
Eapasod 19: An truailleadh, Duilleag 4
Peabar
“A ghille dhuinn uasail an fhuilt dhualaich!”
"... mo bhruadair Dhubh-choimeasgaich!"
“... Is tusa fear-clis dubh m’ eantropaidh.”
Abair bàrdachd, a bhean-uasal Chìob! Nach iongantach dè ghabhas ionnsachadh mu bhana-bhuidsichean a dh’adhlaiceas na mearachdan aca uile!
Sgrìobhte
Leabhar-latha prìobhaideach Cìoba
Eapasod 19: An truailleadh, Duilleag 5
Cìob
Chan eil tè beò nach do dh’fhairtlich oirre a-riamh. Cha mhise a’ Chìob a sgrìobh sin tuilleadh. Cha deach an leabhar-latha seo adhlacadh gun adhbhar.
Peabar
...
Tha mi a’ tuigsinn! Ach dè ur beachd air an leabhar seo ma-thà
Sgrìobhte
COIMEASGA SUTRA le Tìom
Tìom
Chan e seo ach mearachd m’ òige agus chan eil e iomchaidh dha d’ aois air dòigh sam bith!
Peabar
Cò shaoileadh... Tha mi agaibh...
Cha chuir gin sam bith dheth nàire oirbh idir...
Eapasod 19: An truailleadh, Duilleag 6
Peabar
Ach an àrainneachd! An nàdar! Chan urrainn dhuinn cumail oirnn ris an truailleadh oir ’s daor a’ cheannachd a bhios againn air!!
Cìob
Cha do dh’adhbh-raich e trioblaid sam bith oirnn gu ruige seo! ’S e bana-bhuidsichean na Dubh-choimeasgachd a th’ annainn ’s thèid ar duilgheadasan adhlacadh gu domhainn! Na biodh deasbad againn mun dualchas!
Carabhaidh
Saoil dè lorg mi! Cha chreid mi e!
Gu duda a dh’fhàg e shìos an-seo?
Bidh e feumach air beagan gleusaidh ach tha e ag obair fhathast.
Eapasod 19: An truailleadh, Duilleag 7
Carabhaidh
Dè bh’ ann a-rithist? “Hogainn dùbh-ò-choimeasgachd?”
Haha, dhìochuimhnich mi na faclan! Saoil a bheil leabhar nan òran agam am badeigin cuideachd...
Cìob
...nise, tha sinn uile air aontachadh. Ùrachadh air riaghailtean na Dubh-choimeasgachd: O seo a-mach, nì sinn seòrsachadh, pronnadh ’s ath-chuairteachadh air a h-uile càil! A h-UILE CÀIL!!
Sgrìobhte
glainne
meatailt
Neach-aithris
- Deireadh na sgeòil -
Urram
09/2016 – www.peppercarrot.com – Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy – Eadar-theangachadh: GunChleoc
Dotair sgriobtaichean: Craig Maloney. Ceartachadh is taic leis na còmhraidhean: Valvin, Seblediacre ’s Alex Gryson. Brosnachadh: "The book of secrets" le Juan José Segura
Stèidhichte air saoghal Hereva a chaidh a chruthachadh le David Revoy le taic o Craig Maloney. Ceartachadh le Willem Sonke, Moini, Hali, CGand ’s Alex Gryson.
Ceadachas : Creative Commons Attribution 4.0, Bathar-bog: Krita 3.0.1, Inkscape 0.91 air Arch Linux XFCE
Eapasod 19: An truailleadh, Duilleag 8
Urram
Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 755 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd air www.patreon.com/davidrevoy