Bann-cinn
Peabar
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 1
Peabar
Ò, dhùisg thu! ’Eil thu ceart gu leòr? Nach eil thu ro fhuar?
Tha mi duilich ach tha an Rèatha gann orm agus m’ aura ro lag airson ar dìon on fhuachd shuas san adhar.
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 2
Peabar
Tha mi gu bhith call m’ fhar-luaiths agus tha am paidhleat ’s a dràgon às ar dèidh fad uairean mòra fhathast. Glacaidh iad gun trioblaid sinn nuair a thig maille oirnn.
Abair òinseach a bh’ annam! Bha mi cinnteach nach fhada gus an leigeadh iad romhpa!
Gum faighinn cuidhteas dhiubh.
Iochd! Feumaidh sinn an cur dhinn! Mus glac iad sinn!
Ach ’s ann gu bheil mi… … glè … … sgìth …
h-OPAG! Thoir an aire, a Pheabar!
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 3
Cnò-mheannt
Chunnaic thu siud, nach fhaca?
Arra
Chunnaic. Teannaidh sinn orra a dh’aithghearr. Chan fhada gus am bi a cumhachd claoidhte.
Cnò-mheannt
Bheir sinn oirre cho luath ’s a bhios i caithte.
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 4
Fuaim
BEuM!
Peabar
GU DÈ?!
Na can ruim gun do bhris iad am balla-fuaime!
!!!
STRÀÀC!!!
Grrr!
Dèan grèim-bàis, a Churrain!
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 5
Peabar
DÒLAS! DÈ A-NIS?!
Ò!
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 6
Peabar
Siud uamh Loch nan Adharc!
A Churrain, siud ar cothrom!
Tha mi eòlach air an uamh ud.
Tha cumhang fada lùbach innte a ruigeas ceann a thuit ’na bhroinn. Tha cruach de dh’aol-chluigein ’na balla spìceach san roinn ud thall a thuit. ’S e ribe marbhtach a th’ innte! Tha beulag ri a taobh a tha leathann gu leòr ach am faigh sinne troimhpe ach cha stad a’ bhana-dràgon ri àm ’s bualaidh i ris a’ bhalla air astar mòr! Mùhahaha!
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 7
Peabar
Foirfe! Tha iad a’ leantainn oirnn!
Gheibh sinn cuidhteas dhiubh gun dàil.
Tha mi air bhioran! Mùhahaha!
!!!
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 8
Peabar
Fuirich ort! Dè ghabh mi ris? Murt? ’Nam bhana-bhuidseach olc ?
!!!
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 9
Fuaim
FRUuuis!
Peabar
CHAN ANN! Cha bhithinn mar sin!
STADAIBH!!! GÈILLIDH MI!
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 10
Cnò-mheannt
Tha fhios a’d nach dèid gu math leat ma ghèilleas tu ri Maighstir Raidis, nach eil?
Peabar
Tha fhios a’m ach tha mi fhathast a’ creidsinn gun lorg mi dòigh sa bhruidhninn rithe – ach an tuigeadh i.
Aig deireadh na sgeòil, chan eil rud fon ghrèin nach gabhadh a chàradh. Dh’ionnsaich mi sin o dheagh charaid.
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 11
Peabar
Mòran taing gun dug thu cead do Churran aodach glan fhaighinn dhomh.
Cnò-mheannt
Tha tu làn di-beathte. Rinn thu ar n-obair nas fhasa dhuinn agus chan eil adhbhar nach bithinn bàidheil.
Ach fhios a’d, chuir thu Raidis mun cuairt. Tha i ag iarraidh a h-uile càil foirfe. Mhill thu sin le do shalachar, d’ aodach robach is tuiteam às an speur. Agus thug thu ionnsaigh oirre! Bidh i trom ort.
Peabar
Tha fhios a’m.
Cnò-mheannt
Co-dhiù no co-dheth, tha mi feumach air norrag. Falbhaidh sinn nuair a dhùisgeas mi. Dèan na thogras tu ach fuirich faisg oirnn…
Fuaim
Spliut
Cnò-mheannt
Abair bana-bhuidseach annasach.
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 12
Peabar
Nise, ge b’ e dè an staing no cunnart, mairidh mi dìleas dha mo nàdar. ’Nam gheall!
Neach-aithris
RI LEANTAINN…
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 13
Peabar
18mh dhen Ògmhios 2021 Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy. Leughadairean Beta: Arlo James Barnes, Craig Maloney, Karl Ove Hufthammer, Martin Disch, Nicolas Artance, Parnikkapore, Valvin. Tionndadh Gàidhlig Eadar-theangachadh: GunChleoc. Stèidhichte air saoghal Hereva Air a chruthachadh le: David Revoy. Prìomh neach-glèidhidh: Craig Maloney. Sgrìobhadairean: Craig Maloney, Nartance, Scribblemaniac, Valvin. Ceartachadh: Willem Sonke, Moini, Hali, CGand, Alex Gryson . Bathar-bog: Krita 4.4.2, Inkscape 1.1 air Kubuntu Linux 20.04 Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0. www.peppercarrot.com
An robh fios agad? Tha Peabar ⁊ Curran saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 1054 pàtran a thug taic dhan eapasod seo!
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Peabar ⁊ Curran cuideachd is chì thu d’ àinm an-seo! Tha sinn air Patreon, Tipeee, PayPal, Liberapay ...’s a bharrachd! Tadhail air www.peppercarrot.com airson barrachd fiosrachaidh! Mòran taing!
Leugh 42 beachd.