Feallsanachd

Le taic phàtranach

Chan fhaigh pròiseact Pepper&Carrot maoineachadh ach o na pàtranaich aige o fheadh an t-saoghail. Cuiridh gach pàtranach beagan airgid thugainn airson gach eapasod ùr agus gheibh e urram air deireadh an eapasoid. Air sàilleibh an t-siostaim sin, tha Pepper&Carrot neo-eisimeileach agus cha bhi sinn feumach air sanasachd no truailleadh margaidheachd.

Riochd pàtranachd

100% dheth saor, gu buan, gun bhalla-phàighidh

Tha a h-uile susbaint a chruthaicheas mi mu Pepper&Carrot air an làrach-lìn seo, saor agus ri fhaighinn dhan a h-uile duine. Tha meas agam oirbh uile, airgead ann no às. Foillsichidh mi gach stuth sònraichte a bharrachd a gheibh na pàtranaich an-seo cuideachd. Chan iarr Pepper&Carrot airgead no fo-sgrìobhadh ort idir ach am faigheadh thu inntrigeadh do stuthan ùra.

Riochd balla-pàighidh

Le bun-tùs fosgailte agus ceadachail

Thug mi romham cead a thoirt do chàch ach an co-roinn iad an obair a chruthaich mi, gun cleachd iad ’s gun tog iad i agus fiù ’s gun coisinn iad airgead leatha. Chaidh gach duilleag, obair-ealain agus susbaint a dhèanamh le bathar-bog saor ’s le bun-tùs fosgailte air GNU/Linux agus gheibh thu a h-uile bun-tùs dheth air an làrach-lìn seo sa chlàr-taice “Bun-tùs”. Bhrosnaichinn cleachdadh coimearsalta, eadar-theangachadh, obair-ealain luchd-leantainn, clò-bhualaidhean, filmichean, geamannan video, co-roinneadh agus ath-phostadh. Cha leig thu leas ach urram iomchaidh a thoirt dha na h-ùghdaran (seo an luchd-ealain, an luchd-ceartachaidh ’s na h-eadar-theangadairean a bha an sas san obair-ealain a tha thu airson cleachdadh), ceangal a sholar dhan cheadachas agus innse an deach atharrachadh a dhèanamh air. Faodaidh tu sin a dhèanamh air dòigh iomchaidh sam bith ach chan ann air dòigh a chuireadh mun aire gun do chùl-sgrìobh na h-ùghdaran thu fhèin no do chleachdadh.

Riochd mheadhanan le bun-tùs fosgailte

Dibheirsean do dhuine sam bith àite sam bith

’S e dealbh-èibhinn-lìn a th’ ann am Pepper&Carrot a tha iomchaidh dhan a h-uile duine air aois sam bith. Chan eil susbaint inbheach no fòirneart ann. On a tha e saor ’s a bhun-tùs fosgailte, ’s e eisimpleir moiteil a th’ ann am Pepper&Carrot air dè cho smodaig ’s as urrainn do chultar saor a bhith. Cuiridh mi m’ aire air a’ chàileachd o nach ciall dha stuthan saora is le bun-tùs fosgailte gum biodh iad dona no mì-ealanta. ’S e an caochladh a tha fìor.

Riochd dhuilleagan deilbh-èibhinn a’ sgiathadh air feadh an t-saoghail

Gun atharraicheamaid gnìomhachas nan dealbhan-èibhinn!

Air sgàth ’s nach eil daoine eile eadar an neach-ealain agus an luchd-amhairc, ’s ann nas lugha a phàigheas tu agus nas motha a’ bhuannachd a gheibh mi fhìn. Cuiridh tu taic dhomh gu dìreach. Chan urrainn do dh’fhoillsichear no sgaoileadair no sgioba margaidheachd no poileas fasain sam bith sparradh orm gun atharraichinn Pepper&Carrot ach am biodh e a-rèir an lèirsinn-san mun “mhargadh”. Carson nach dèanadh ball-eisimpleir soirbheachail diofar beag air bheag air gnìomhachas a tha ann an staing gu lèir? Chì sinn dè thachras…

Riochd air gnìomhachas dhealbhan-èibhinn an coimeas ri taic Patreon