Bann-cinn
Tiotal
Eapasod 23: Cothrom na Fèinne
Eadar-theangachadh: GunChleoc.
Eapasod 23: Cothrom na Fèinne, Duilleag 1
Neach-aithris
Fèill Chomona an ath-sheachdain
Sgrìobhte
Cliùiteachd
50 000 Co
Buaidh Chròch
Fasan
Sealladh air Cròch
Snas
Cròch fon phrosbaig
Fuaim
POC!
Eapasod 23: Cothrom na Fèinne, Duilleag 2
Peabar
Tapadh leat, a Churrain…
Fhios a’d, tha mi ag obair gu cruaidh gach latha ach an rachainn ’nam dheagh bhana-bhuidseach...
...le spèis air an dualchas is air na riaghailtean... ...chan eil e cothromach gun do choisinn Cròch uiread dhe chliù leis an ro-innleachd a bha seo.
Abair ana-cothrom.
Eapasod 23: Cothrom na Fèinne, Duilleag 3
Fuaim
Glung!
Jinn an t-soirbheis
Haoidh! Le ’r leisgeul, innsim dhuibh mu m’ dhèidhinn:
Is mise jinn an t-soirbheis, air mhuinntireas dhuibh fad oidhche ’s latha ’s a h-uile latha dhen t-seachdain!*
Eapasod 23: Cothrom na Fèinne, Duilleag 4
Jinn an t-soirbheis
*Seach deiridhean-seachdain agus saor-làithean poblach. Chan fhaodar an tairgse a chur còmhla ri tairgsean eile. Tha an fhaotainneachd cuingichte a-rèir stoca.
Iomairt margaidh-eachd sa bhad air feadh an t-saoghail!
Cliù eadar-nàiseanta!
A’ gabhail a-staigh stoidhlichean is gruagairean!
Barantas air toraidhean ann am priobadh na sùla!
Eapasod 23: Cothrom na Fèinne, Duilleag 5
Jinn an t-soirbheis
Chan eil a dhìth ach ainm-sgrìobhte beag bìodach aig bonn na sgrìobhainne seo agus fosglaidh doras a’ chliùtha dhuibh!
Peabar
Fuirich diog.
An ann air an dearbh uair a bhios an lionn-dubh orm gu dona gun tuit thu às na speuran le fuasgladh mìorbhaileach air na duilgheadasan agam uile?!
Dè tha air cùl an Deus ex machina a tha seo?! Dhomhsa dheth, tha coltas amharasach air; glè amharasach!
Trobhad, a Churrain. ’S dòcha gun obraicheadh a leithid a char seo oirnn uair ach chan eil sinn cho gòrach tuilleadh ’s gun gabhadh ar mealladh leis an fhoill seo.
Eapasod 23: Cothrom na Fèinne, Duilleag 6
Eun
Gag! Gurr-ù! Gurr-ù! Gag!
Peabar
Nise a Churrain, seo nas ciall dha thighinn gu h-inbhe nam bheachd-sa.
Seachain am fuasgladh furasta; thoir meas air luach na spàirne...
...chan eil ciall sam bith san fharmad air soirbheis chàich!
Eapasod 23: Cothrom na Fèinne, Duilleag 7
Sgrìobhte
Cliùiteachd
50 000 Co
Buaidh Chròch
Fasan
Sealladh air Cròch
Snas
Cròch fon phrosbaig
Peabar
Thig an latha a gheibh sinn cothrom na Fèinne!
Fuaim
Psiuuu !
Sgrìobhte
Cliùiteachd
Caitheamh-beatha Ghuragag
Fasan
Sealladh air Guragag
Snas
Guragag fon phrosbaig
Neach-aithris
- Deireadh na sgeòil -
Eapasod 23: Cothrom na Fèinne, Duilleag 8
Urram
08/2017 – www.peppercarrot.com – Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy – Eadar-theangachadh: GunChleoc
Ceartachadh ’s piseach air na còmhraidhean: Alex Gryson, Calimeroteknik, Nicolas Artance, Valvin ’s Craig Maloney.
Taic leis a’ bhòrd-stòiridh ’s mise-en-scène: Calimeroteknik ’s Craig Maloney.
Stèidhichte air saoghal Hereva a chaidh a chruthachadh le David Revoy le taic o Craig Maloney. Ceartachadh le Willem Sonke, Moini, Hali, CGand ’s Alex Gryson.
Bathar-bog: Krita 3.1.4, Inkscape 0.92dev air Linux Mint 18.2 Cinnamon
Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0
Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 879 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd air www.patreon.com/davidrevoy